An Iarran Mònach
Tha ‘n iarran mònach air a spar,
An dùil an thig e nuas gu bràth,
A ghearradh mòine dhomh air blàr,
A-measg an fhraoich sna tomanan.
Bha mi ‘n-dè sa sguab nam làmh,
‘S mi toirt sgriob air glanadh làir,
An uair a thug mi sùil an àrd,
Sann thòisich e ri bruidhinn rium.
Ghluais mi null is shuidh mi sios,
‘S mi ‘n dùil gu robh mi as mo chiall,
Oir cò an duine chual a-riamh,
An Iarran mònach bruidhinn ris.
Thuirt e tha sinn mìos na Màigh,
An àm a b’ abhaist dhomh bhith 'n sàs,
A gearradh mòine dhut air blàr,
A chumadh blàths gu h-Earrach thu.
A bheil thu ‘g ràdh g’ eil thu ro aosd,
Chan eil sin ach còmhradh faoin,
Tha mise ‘s tusa an co-aois,
‘S a-riamh cha d’ fhiult mi gearradh dhut.
Na smaoinich thusa dhuine truagh
Mar tha pris a' ghual dol suas
Mus pàigh thu 'n ola chuain a’ tuath
Nach truagh a bhios do sporran-sa.
Nuair a thig an Geamhradh reoitht,
Bidh thusa dùinte na do chòt'
Boinneag sileadh as do shròin,
As d’ fhiacalan mòr ri snagadaich.
Dh’ fhalbh mi sin is sheas mi an àrd,
Is dh’innse mi dhàsan mar a bha
Tha ‘n t-siataig air a thighinn nam làimh
‘S bhiodh tilgeil fàdan duilich dhomh.
Tha d’ obairs' seachad gu math luath,
Cha dean thu rùdhain a chuir suas,
Na ‘s motha na sin cha dean thu cruach
‘S e ‘n obair cruaidh a th’ agamsa.
Tha mi nise na mo dhùisg,
O cha robh sin ach aisling faoin,
Ach chuir e m’ inntinn sa gu smaoin
‘M bu choir dhomh buain an ath-bhliadhna.
Tha ‘n iarran mònach air a spar,
An dùil an thig e nuas gu bràth,
A ghearradh mòine dhomh air blàr,
A-measg an fhraoich sna tomanan.
Bha mi ‘n-dè sa sguab nam làmh,
‘S mi toirt sgriob air glanadh làir,
An uair a thug mi sùil an àrd,
Sann thòisich e ri bruidhinn rium.
Ghluais mi null is shuidh mi sios,
‘S mi ‘n dùil gu robh mi as mo chiall,
Oir cò an duine chual a-riamh,
An Iarran mònach bruidhinn ris.
Thuirt e tha sinn mìos na Màigh,
An àm a b’ abhaist dhomh bhith 'n sàs,
A gearradh mòine dhut air blàr,
A chumadh blàths gu h-Earrach thu.
A bheil thu ‘g ràdh g’ eil thu ro aosd,
Chan eil sin ach còmhradh faoin,
Tha mise ‘s tusa an co-aois,
‘S a-riamh cha d’ fhiult mi gearradh dhut.
Na smaoinich thusa dhuine truagh
Mar tha pris a' ghual dol suas
Mus pàigh thu 'n ola chuain a’ tuath
Nach truagh a bhios do sporran-sa.
Nuair a thig an Geamhradh reoitht,
Bidh thusa dùinte na do chòt'
Boinneag sileadh as do shròin,
As d’ fhiacalan mòr ri snagadaich.
Dh’ fhalbh mi sin is sheas mi an àrd,
Is dh’innse mi dhàsan mar a bha
Tha ‘n t-siataig air a thighinn nam làimh
‘S bhiodh tilgeil fàdan duilich dhomh.
Tha d’ obairs' seachad gu math luath,
Cha dean thu rùdhain a chuir suas,
Na ‘s motha na sin cha dean thu cruach
‘S e ‘n obair cruaidh a th’ agamsa.
Tha mi nise na mo dhùisg,
O cha robh sin ach aisling faoin,
Ach chuir e m’ inntinn sa gu smaoin
‘M bu choir dhomh buain an ath-bhliadhna.